×
Corrigir

A Mhic Dhùghaill 'Ic Ruairidh

Rachel Walker

A mhic dhùghaill 'ic ruairidh
Chuir am buaireadh fo m' chéill-sa
Dh'fhàg thu tana ma ghruaidhean
'S chuir mo ghruag air dhroch ghréidheadh

Dh'fhàg thu tana ma ghruaidhean
'S chuir mo ghruag air dhroch ghréidheadh
'S diombach mise dha m' phiuthair
Nighean bhuidhe 'n fhuilt steudaich

'S diombach mise dha m' phiuthair
Nighean bhuidhe 'n fhuilt steudaich
'S cha bhuidheach mi dha m' mhàthair
'S òg a chàirich I bhreug orm

'S cha bhuidheach mi dha m' mhàthair
'S òg a chàirich I bhreug orm
Mo mhìle beannachd aig m'athair
'S e nach gabhadh droch sgeul orm

Mo mhìle beannachd aig m'athair
'S e nach gabhadh droch sgeul orm
Ach mo mhallachd aig a' bhuachaill'
Bha ri uallach na spreidheadh

Ach mo mhallachd aig a' bhuachaill'
Bha ri uallach na spreidheadh
Chaidh e dhùsgadh nam balach
Moch 's a' mhadainn mas d' dh'éirich

Chaidh e dhùsgadh nam balach
Moch 's a' mhadainn mas d' dh'éirich
'S ann a' direadh a ghàrraidh
Leig thu ghràidh a' cheud eubh as'd

'S ann a' direadh a ghàrraidh
Leig thu ghràidh a' cheud eubh as'd
'S ann a' teàrnadh a bhruathaich
A fhuair thu 'm brughadh a léir thu

'S ann a' teàrnadh a bhruathaich
A fhuair thu 'm brughadh a léir thu
Gu robh fuil do chuim chùbhraidh
'S I ri drùthadh troimh d' léinidh

Gu robh fuil do chuim chùbhraidh
'S I ri drùthadh troimh d' léinidh
'S ged a dh'òl mi ghaoil pàirt dhi
Cha do shlànaich do chreuchdan

'S ged a dh'òl mi ghaoil pàirt dhi
Cha do shlànaich do chreuchdan
'S truagh nach robh mi a sasunn
Am baile pheairt no dun-eideann

'S truagh nach robh mi a sasunn
Am baile pheairt no dun-eideann
Ann an tìr nam fear dubha
Na 'n cóig mumha na h-eireann

A mhic dhùghaill 'ic ruairidh
Chuir am buaireadh fo m' chéill-sa
Dh'fhàg thu tana ma ghruaidhean
'S chuir mo ghruag air dhroch ghréidheadh






Mais tocadas

Ouvir Rachel Walker Ouvir