×
Corrigir

Ho Rò Chan Eil Cadal Orm

Rachel Walker

Ho rò, chan eil cadal orm
Chan eil m' air' air sòlas
Mo chùlaibh ri ceòl gàire
Bho 'n latha chaidh mo phòsadh
Ho rò, chan eil cadal orm

Bha m'athair is mo mhàthair
'S mo bhràithrean uile deònach
Mo phòsadh ris an t-seann fhear
On bha mi gann de stòras
Ho rò, chan eil cadal orm

'S e 'n t-òr a thug an car asam
'S e 'n seann fhear rinn mo bhuaireadh
'S e 'm pòsadh rinn mo shàrach
'S tha bhlàth siud air mo ghruaidh-sa
Ho rò, chan eil cadal orm

Chan eil m' air' air sòlas
Mo chùlaibh ri ceòl gàire
Bho 'n latha chaidh mo phòsadh
Ho rò, chan eil cadal orm

Nuair bhios càch 's na bailtean 's iad
A' crathadh an cuid ghùntaibh
Bidh mise leis an t-seann fhear
A's srann aig air mo chùlaibh
Ho rò, chan eil cadal orm

Comhairl' oirbh a chaileagan
An earail seo na diùltaibh
Gun tàir a dhean' air òigfhear
Ged bhios a sporran sùmhail
Ho rò, chan eil cadal orm

Chan eil m' air' air sòlas
Mo chùlaibh ri ceòl gàire
Bho 'n latha chaidh mo phòsadh
Ho rò, chan eil cadal orm

Ho rò, chan eil cadal orm
Chan eil m' air' air sòlas
Mo chùlaibh ri ceòl gàire
Bho 'n latha chaidh mo phòsadh
Ho rò, chan eil cadal orm






Mais tocadas

Ouvir Rachel Walker Ouvir