×
Corrigir

Soraidh Leis A Bhreacan Ùr

Rachel Walker

Soiridh leis a bhreacan ùr
Oir 's ann air a tha mo rùn
B'ait leam e os cionn mo ghlùin
Ann am pleatadh dlùth mun cuairt

Mallachd nan gaidheal gu lèir
Aig righ uilleam 's aig a thrèud
Cuir e bhriogais ghlas an cèill
Gus an t-èidheadh-sa thoirt uainn

Chuir mi bhriogais ghlas rim thaobh
'S barail leam gun robh mi faoin
Cha dean gruagach òg mo thaobh
Bhon a fhuair mi 'n t-aodach ùr

Chuir mi bhriogais ghlas fo m' cheann
'N àite 'n fhèileadh bhig a bh' ann
Gu bhi coltach ris an dream
Tha 'n taobh tuath de uisge chluaidh

Nuair a thèid mi fhìn dhan airm
Gheibh mi fhèileadh 's sporran garbh
Bonaid bhiorach mholach ghorm
'S slat de riobainn 's toirm mum chluais






Mais tocadas

Ouvir Rachel Walker Ouvir